'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S i Màiri Nic Neachdain as dàicheile pearsa Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nuair sheallas mi t' aodainn 's mi 'n coinneamh ri t' fhaodainn Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
On a thug thu dhomh gealladh 's ann duit-sa nach aireach 'S chan fhaic iad thu 'n ath-bhliadhn' ad bhanarach bhò
(Sèist)
Cha taobh i fear idir air eagal mo thrioblaid 'S cha toilich tè mise ach ise le deòin 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S i ribhinn a' bhaile tha sìor thighinn air m' aire Nam bi rachadh mar rium cha d' fharraid mi stòr
(Sèist)
'S i nighean mo ghaoil
Bheir mis' thu Dhùin Eideann a dh'ionnsachadh Beurla 'S chan fhàg mi thu d' èiginn ri sprèidh an fhir mhòir 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S tu thogadh mo spioraid nuair a thèid thu air mhireadh Le d' cheilearabh binne 's le grinneas do bheòil 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Leis na gabh mi de cheist ort am madainn 's am feasgar Gun dèanainn riut cleasachd is beadeadh gu leòr 'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Dhèanainn dhut furan am bliadhna 's an-uiridh Bu docha na 'n t-uireasbhuidh tuilleadh sa chòrr